A' bhean nighe, Foula, Sruthaigh agus musa basjoo
Scotsman (Edinburgh, Scotland), The, Feb 1, 2002
Byline: RAGHNALL MacilleDHUIBH
AN latha roimhe bha mi gabhail a' cheum taobh na h-aibhne sa bhaile far a bheil mi fuireach. Se feasgar doilleir a bh' ann agus bha srann aig an abhainn far a bheil abhainn eile tighinn 'na luib. Bha smuidreach uisge air a bhith ann fad an latha.
Bha mi coimhead a-mach air son corra-ghritheach a bhios a' tadhal air na creagan ann am meadhain na h-aibhne nuair a ghlac suil m' inntinne rudeigin air an taobh eile dhiom - direach faileas de dhuine, 'na sheasamh leth chrubte 's a thoin ris a' bhalla mar gun robh e fiachainn ri anail fhaighinn air ais an deidh spairn mhor de sheors' air choreigin.
Thug mi lan suil air a' bhalla. Cha robh duine ann. Gun ach mo mhac-meanmna ag obair air bathadh, shaoil mi - rud a bhiodh air tachairt san dearbh aite barrachd air aon uair ann an eachdraidh fhada a' bhaile.
Ghabh mi air adhart, ach bha an rud a bh' ann cho iongantach 's gun tug mi suil tarsainn mo ghuaille a choimhead air a' bhalla rithist. De chunnaic mi nist ach duin' og 's a chul rium a' gabhail sios an rathad a thainig mi. Co as a thainig esan? Cha robh doras neo geat' ann, gun ach an abhainn air an dara taobh 's am balla cloich' ud air an taobh eile.
Dh'fhairich mi gun robh coir agam ruith as a dheaghaidh a dh'fhaighneachd an ann dhan t-saoghal seo a bha e. Ach lean mi orm dhachaigh.
Chuimhnich mi siud nuair a leugh mi an t-ath-chlo-bhualadh ur de F G Rea, A School in South Uist (Birlinn, $6.99), leabhar a dh'fhoillsicheadh an toiseach ann an 1964. Oir thainig piuthar Rea a Sasainn a dh'fhuireach comh' ris san taigh-sgoileadh an Gearraidh na Monadh air sgath a slainte. Aon Di-Domhnaich air an rathad a Dhalabrog dhan eaglais bha iad a' dol seachad air Loch Dun na Cille aig a bheil eilean 'na mheadhain. "Eil daoine fuireach air an eilean sin?" ars a phiuthar.
"Tha fhios nach eil. Car son?"
Cordaidh an leabhar seo glan ri duine sam bith a tha deidheil air eileanan. Mar as diofraichte, sann as coltaiche. Beachdan an sgriobhadair? "The runrig system seems to me to have been an ingenious device to prevent any claim to absolute ownership." Car son nach do smaoinich mi fhin air a-sin ... Seanfhaclan? "Naebody minds carrying till (towards) a house: it's carrying awa' that's bad." Bardachd? De mu dheidhinn:
Christ was born i' Bethlem,
And He was Ane o' Three;
But for the gain of a' His pain
He hangit on a tree.
Agus sgeulachdan? Tha 'n leabhar tarraingeach seo loma-lan dhiubh, te neo dha mu dheidhinn Gaidhil a fhuair iad iad fhein, ge b'oil leotha, air an eilean. Ach innsidh mi seo dhuibh 's ni e chuis. Bhathar a' creidsinn gun do reic fear William Georgeson anam ris an riabhach. Dh'ionnsaich e iomadh cleas feumail bhuaithe. Nuair dh'fhalbhadh e chun na feille air tir-mor Shealtainn, nach ann a stobadh e a spaid san talamh 's a chrochadh e chota rithe. Chumadh an spaid oirre a' ruamhar leatha fhein ri taobh bean Uilleim!
Bho Foula gu Sruthaigh far a bheil Ceitidh Morag a' fuireach. Oir dh'fheumadh e thighinn - Ceitidh Morag ann an Gaidhlig. Siad a tha romham an-drasta Ceitidh Morag agus an Da Sheanmhair, Ceitidh Morag aig a' Chuirm-Chiuil, agus Ceitidh Morag agus Balaich Ruadh a' Ghlinne (Acair, $4.99 am fear). Uile le Mairi Hedderwick tha fios, 's a' Ghaidhlig le Tormod Caimbeul. Nach neonach gu bheil Gaidhlig Leodhais aig gach duine nuair tha Sruthaigh cho coltach ri Earra-Ghaidheal!
Coma. Bidh iad seo taghte do chlann-nighean aois mu 8 gu 12. Dubhlan san da chuid faclan 's dealbhan. Thig an roghainn a-nuas gu de as fhearr leis an nighinn dha bheil iad: frocaichean, droch ghillean neo seanmhairean/oisgean. Ma tha aige ri cordadh ris an inbheach cuideachd taghaibh na seanmhairean/oisgean oir tha tomhas de dh'fhealla-dha inbheach san fhear sin.
Gu criochnachadh, The Botanical Basho - leabhar beag bardachd ann an Gaidhlig, Iapanais agus Beurla. Tha ochdar bhard air an riochdachadh ann agus Aonghas MacNeacail, Ian Stephen agus Kevin MacNeill 'nam measg. Tha torr ann an cumantas eadar bardachd agus lusan 's tha an leabhar seo mu dheidhinn tri - persimmon, giuthas, agus musa basjoo (banana Iapanach neo basho). Is toil leam seo aig Aonghas Dubh oir ann an taigh (-bidhe?) Inouaye-san tha e soilleir gu bheil a' Ghaidhealtachd 's Iapan a' coinneachadh (se na "grain" an rus):
taigh-fearainn teaghlaich
mhaighstir inouaye
arsaidheachd dhubh 'na shailthean
am meadhoin-bhaile lainnireach tokyo
cal is feoil is grain
air duilleag musa basjoo
cruinneachadh fhineachan
le bard mar aoidh
a' seinn a dhan mu
ghilead luasganach sneachda
Gheibh sibh The Botanical Basho bho na Botanic Gardens, 730 Great Western Road, Glaschu, G12 0UE - $5, post a-nasgaidh.